| zur Übersicht | |
| Gedichtsammlung | |
| A Rìgh Nan Dùl / Dem König der Elemente | |
| O Rìgh nan Dùl cùm rium
mo chiall Cha robh mi riamh sa chunnart seo Mi 'n-diugh 's an-dè air cnoc leam fhìn A' sileadh dheur 's mi turraman. |
|
| 'S e 'n gunna caol a rinn mo leòn Cha tèid e òirleach tuilleadh leam 'S an tè rinn dhomhs' an lèine chaol Cha dèan thu ghaoil gin tuilleadh dhomh. |
|
| 'S i mo mhàthair rinn an call Nuair chuir i shealg na tunnaig mi 'S nuair ràinig mi an linne chaol 'S ann bha mo ghaol a' sruladh innt'. |
|
| Ged thèid mi suas don bhail' ud shuas Cha bhi mo chuairt ach diomhain ann Air leabaidh làir chan fhaigh mi tàmh 'S air leabaidh àrd cha chuir iad mi. |
|
| O Mhairead òg 's tu rinn mo leòn 'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi 'S tu 's guirme sùil sa mhadainn chiùin Nan dearc air chùl nan duilleagan. |
|
| Mìcheal MacAonghais | |
| in »BBC ALBA Òrain« | |
| zur Übersicht | |
| revid.201603 | |
| https://wfgw.diemorgengab.at/zit/WfGWged00101.htm | |